Spioradalachd
Mar a thuirt sinn anns a’ chiad artaigil dhen iris seo, tha mòran dhaoine den bheachd gu bheil Am Bìoball leabhar naomh. Le bhith ga leughadh agus ga chleachdadh, bidh iad a’ faireachdainn nas dlùithe ri Dia agus thig iad gu tuigse nas fheàrr air an adhbhar aca nam beatha.
Nuair a tha Am Bìoball a’ bruidhinn mu spioradalachd, tha e a’ ciallachadh dòigh smaointinn agus dòigh beatha shònraichte. (Iùdais 18, 19) Neo-coltach ri iad a tha ag iarraidh beatha gun Dhia, bidh an neach-spioradail ag iarraidh gum bi Dia a’ stiùireadh am beatha aca.—Ephèsianaich 5:1.
DÒCHAS
PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Ma dh’fhannaicheas tu ann an là an àmhghair, is beag do neart.”—Gnàth-Fhacal 24:10.
THA SEO A’ CIALLACHADH: Nuair a tha sinn air chall misneachd dh’fhaodadh e a bhith doirbh dèiligeadh le trioblaidean. Ach nuair a tha sinn dòchasach tha e nas fhasa dèiligeadh le ar trioblaidean. Nuair a tha dòchas againn aithnich sinn gun tig ar duilgheadasan gu crìoch. Fiù ’s aig amannan faodaidh rudeigin math a tighinn bhuapa.
DÈ AS URRAINN DHUT A DHÈANAMH: Smaoinich mu deagh rudan a tha a’ dol a thachairt san àm ri teachd. Na cosg ùine a’ smaoineachadh mu droch rudan a dh’fhaodadh a tachairt. Aig amannan ge-tà, “tachair. . .tuiteamas dhaibh uile.” (Eclesiastes 9:11) Gu tric tionndaidh cùisean a-mach fada nas fheàrr na bha dùil againn. Mar sin, tha Am Bìoball ag ràdh: “Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud, no am bi iad le chèile cho math.”—Eclesiastes 11:6
FREAGAIRTEAN DO CHEISTEAN MÒRA
PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Thoir-sa tuigse dhomh . . . Is fìrinn d’fhacal-sa.”—Salm 119:144, 160.
THA SEO A’ CIALLACHADH: Bheir Am Bìoball
freagairtean do cheistean mòra nam beatha seo. Mar eisimpleir,-
Cò as a thàinig sinn?
-
Carson a tha sinn an seo?
-
Dè thachras às dèidh bàis?
-
Dè bhios a’ tachairt san àm ri teachd?
Tha milleanan air feadh an t-saoghail air a lorg beatha nas fheàrr nuair a leugh iad na freagairtean do na cheistean seo sa Bhìoball.
DÈ AS URRAINN DHUT A DHÈANAMH: Ionnsaich airson dhut fhèin dè tha Am Bìoball a’ teagaisg. Faighnich do aon de Fianaisean Iehòbha airson cuideachas Am Bìoball a thuigsinn. Rach gu ar làrach-linn, jw.org/gd, no fritheil aon de ar coinneamhan a tha saor an asgaidh agus fosgailte don phoblach.
PRIONNSABALAN EILE BHON A’ BHÌOBAILL
BI MOTHACHAIL AIR DO SPIORADALACHD.
“Chan ann le aran a-mhàin a bhios duine beò, ach leis a h-uile facal a thig o bheul Dhè.”—MATA 4:4.
IONNSAICH TUILLEADH MU DHIA A’ BHÌOBAILL.
“airson ’s gun sireadh iad Dia . . . ged nach eil e fada o gach aon againn.”—GNÌOMHAN 17:27.
LEUGH AGUS MEÒRAICH AIR AM FACAL DHÈ.
“Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh-san a là agus a dh’oidhche. . . . agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.”—SALM 1:2, 3.