Skip to content

Skip to table of contents

Fo riaghladh Dhè, bha an cruthachadh air fad aonaichte is aig fois

Carson a tha Feum Againn air an Rìoghachd Dhè?

Carson a tha Feum Againn air an Rìoghachd Dhè?

Aig an toiseach toiseachaidh, bha ar Cruithear, Dia Iehòbha, an Riaghladair a-mhàin. Riaghlaich e le gràdh. Rinn e dachaigh bhòidheach—an Gàrradh Eden—àite-fuirich airson mac an duine. Cuideachd thug e dhaibh pailteas de biadh agus obair taitneach ri dhèanamh. (Genesis 1:28, 29; 2:8, 15) Bhiodh sìth fhathast aig mac an duine nan robh iad a’ cumail fo riaghladh gràdhach aig Dia.

Dhiùltaich a’ chiad daoine Dia mar Riaghladair aca

Dh’innis a’ Bhìoball mu aingeal reubaltach, Sàtan, a thug dùbhlan nach bu chor riaghladh a bhith aig Dia. Chiallaich e gum biodh daoine nas fhèarr gun stiùireadh is riaghladh aig Dia. Gabh Adhamh is Eubha ris an eisimpleir aig Sàtan agus chaidh iad an aghaidh Dia cuideachd.—Genesis 3:1-6; Taisbeanadh 12:9.

Air sgàth ’s gun dhiùltaich iad Dia na Riaghladair, chaill iad an dachaigh Pàrras aca agus an dòchas airson beatha mhaireannach, slàn is foirfe. (Genesis 3:17-19) Chuir an co-dhùnadh seo cron air a’ chlann a bha aca nas fhaide. A chor ’s gun do pheacaich Adhamh tha am Bìoball ag radh: “thàinig peacadh a-steach dhan t-saoghal tro aon duine, agus bàs tron pheacadh.” (Ròmanaich 5:12) Ri linn sin thachair na cùisean seo: “Riaghlaich duine os cionn duine eile, ga aimhleas fhèin.” (Eclesiastes 8:9) Tha seo a ciallachadh, nuair a tha mac an duine gan riaghladh iad fhèin, bidh trioblaidean ann.

RÌAGHLADH MAC AN DUINE A’ TOISEACHADH

Rinn Nimrod ar a-mach an aghaidh Iehòbha

’S e Nimrod a’ chiad riaghladair a bh’ air ainmeachadh anns a’ Bhìoball. Agus rinn e ar a-mach an aghaidh an riaghlaidh Iehòbha. O làithean Nimrod, bha daoine cumhachdach a’ droch-laimhseachadh an neart is ùghdarras aca. Mu 3,000 bliadhna a chaidh, sgrìobh an Rìgh Sholamh: “Feuch, deòir na dream a bha fo fhòirneart, agus gun aon fhear-comhfhurtachd aca! Agus air taobh an luchd-fòirneart bha neart.”—Eclesiastes 4:1.

Chan eil an suidheachadh eadar-dhealaichte an latha an-diugh. Ann 2009, thuirt foillseachain nan Dùthchannan Aonaichte, gu bheil mòran dhaoine den bheachd, gur e riaghladh dona a tha tùs de gach olc nar sòisealtas.

ÀM AIRSON GNÌOMH!

Tha feum aig an t-saoghal air riaghladairean agus dòigh riaghaltais nas fhèarr. Agus ’s e sin an rud a tha ar Cruithear air ghealladh!

Fiù’s chan eil na riaghaltasan as fhèarr na talmhainn comasach air a chuir ceart droch-dhuilgheadasan mac an duine

Stèidhich Dia Rìoghachd, no riaghaltas, an àite riaghlaidh mac an duine, agus “seasaidh i gu sìorraidh.” (Daniel 2:44) Airson na Rìoghachd seo, tha milleanan air a bhith a dhèanamh ùrnaigh. (Mata 6:9, 10) Cha bhi Dia fhèin a’ riaghladh an riaghaltas seo. An àite, tha e air shuidheachadh cuideigin a bha beò mar mac an duine mar-tha. Cò thagh Dia mar Riaghladair seo?