Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 15

Ìosa​—Cò e?

Ìosa​—Cò e?

Tha Ìosa aon de na daoine as ainmeile ann an eachdraidh. Ged a tha tòrr dhaoine ag aithneachadh an t-ainm aige, tha mòran beachdan eadar-dhealaichte mu cò tha e. Dè tha Am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn?

1. Cò tha Ìosa?

Tha Ìosa spiorad cumhachdach, beò ann an neàmh. Chruthaich Dia Iehòbha e ro a h-uile rud eile. Mar sin, tha e air ainmeachadh “ciad-ghin a’ chruthachaidh gu lèir.” (Colosianaich 1:​15) Tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil Ìosa “aonghin Mhic fhèin” aig Dia, oir bha e an t-aon cruthachadh dìreach bho làmh Iehòbha a-mhàin. (Eòin 3:​16) Dh’obraich Ìosa ri taobh an Athair, Iehòbha, Ga chuideachadh a h-uile càil eile a cruthachadh. (Leugh Gnàth-fhacal 8:​30.) Tha Ìosa fhathast a’ mealadh deagh-dhàimh le Iehòbha. Tha e a’ frithealadh mar an neach-labhairt dìleas aig Dia, “Am Facal,” a cur an cèill na teachdaireachdan aige.​—Eòin 1:​14.

2. Carson a thàinig Ìosa dhan talamh?

Còrr is 2000 bliadhna air ais, rinn Iehòbha mìorbhailt. Ghluais e am beatha aig Ìosa bho nèamh gum biodh e na broinne a’ mhaidean òg, Moire. Mar seo, rugadh Ìosa mar duine. (Leugh Lùcas 1:​34, 35.) Thàinig Ìosa dhan talamh airson ’s gum biodh e Am Mesiah, no Crìost, gus mac an duine a sàbhaladh. a Thàinig na fàidheadarachdan mun Am Mesiah gu bith ann an Ìosa agus chuidich iad daoine a thuigsinn gun robh Ìosa “an Crìosd, Mac an Dè bheò.”​—Mata 16:16.

3. Càit a bheil Ìosa an-dràsta?

Às dèidh bàis Ìosa, dh’èirich Dia e gum bi na pearsa spiorad ann an nèamh. Mar sin, “dh’àrdaich Dia e gu ro-àrd.” (Philipianaich 2:9) A-nis, tha suidheachadh mòr-chumhachdach aig Ìosa​—chan eil ach Iehòbha a-mhàin nas chumhachdaiche.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich tuilleadh mu cò tha Ìosa dha-rìribh agus carson a tha e cho cudromach ag ionnsachadh ma dheidhinn.

4. Chan eil Ìosa an Dia Uile-chumhachdach

Tha Am Bìoball a’ teagaisg, ged a tha Ìosa pearsa spiorad neartmhor ann an nèamh, tha e fo bhuaidh Athair, Dia Iehòbha. Ciamar as urrainn dhuinn seo ag ràdh? Cluich am BHIDIO airson faicinn dè tha Am Bìoball a’ teagaisg mu chiamar a tha an t-suidheachadh eadar an Dia uile-chumhachdach agus Ìosa diofraichte.

Tha na sgriobtaran a leanas gar cuideachadh an dàimh a thuigsinn eadar Iehòbha agus Ìosa. Leugh gach sgriobtar, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

Leugh Lùcas 1:​30-​32.

  • Dè thuirt an aingeal mun dàimh eadar Ìosa agus Dia Iehòbha, “an Aoin as Àirde”?

Leugh Mata 3:​16, 17.

  • Aig àm baistidh Ìosa, dè thuirt an guth o nèamh?

  • Nad bheachd-sa, cò leis a bha an guth?

Leugh Eòin 14:28.

  • Cò tha nas sine agus cò aig a tha barrachd ùghdarrais? Athair no mac?

  • Dè bha Ìosa a’ ciallachadh nuair a thuirt e gun robh Iehòbha an t-Athair aige?

Leugh Eòin 12:49.

  • A bheil Ìosa a’ smaoineachadh gu bheil esan agus an t-Athair an aon phearsa? Dè do bheachd-sa?

5. Sheall Ìosa gun robh esan Am Mesiah

Tha tòrr fàidheadaireachdan anns a’ Bhìoball mu Am Mesiah​—tha sin am fear a thagh Dia airson mac an duine a shabhaladh. Cluich am BHIDIO airson ionnsachadh mu chuid de na fàidheadaireachdan agus ciamar a thàinig iad gu bith ann an Ìosa nuair a bha e air an talamh.

Leugh na fàidheadaireachdan seo bhon a’ Bhìobaill, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

Leugh Micah 5:2 airson ionnsachadh càite rugadh Am Mesiah. b

  • An do thàinig an fhàidheadaireachd seo gu bith ann an Ìosa?​—Mata 2:1.

Leugh Salm 34:20 agus Sechariah 12:10 airson ionnsachadh mu dè ro-dh’innis Am Bìoball mu bàs Am Mesiah.

  • An do thàinig na fàidheadaireachdan seo gu buil?​—Eòin 19:​33-​37.

  • Nad bheachd-sa, a bheil e comasach gun thug Ìosa gu bith na fàidheadaireachdan seo?

  • Dè tha seo a’ dearbhadh dhutsa mu Ìosa?

6. Gheibheadh sinn beannachdan le ionnsachadh mu Ìosa

Tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil e glè chudromach ag ionnsachadh mu Ìosa agus dè tha Dia ag iarraidh bhuaithe. Leugh Eòin 14:6 agus 17:​3, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson a tha e riatanach ag ionnsachadh mu Ìosa?

Dh’fhosgail Ìosa an t-slighe airson a bhith na charaid aig Dia. Theagaisg e an fhìrinn mu Iehòbha, agus troimhe, faodaidh sinn beatha shìorraidh a lorg

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil Fianaisean Iehòbha làn chreidsinn ann an Ìosa.”

  • Ciamar a freagradh tu?

GEÀRR-IOMRADH

’S e spiorad cumhachdach a tha Ìosa agus ’s e mac Dhè agus Am Mesiah a th’ ann.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha Ìosa air ainmeachadh “ciad-ghin a’ chruthachaidh gu lèir”?

  • Dè rinn Ìosa mus do thàinig e dhan talamh?

  • Ciamar a tha fios againn le cinnt gu bheil Ìosa Am Mesiah?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich tuilleadh mun dreuchd aig Ìosa mar Am Mesiah.

“Do Messianic Prophecies Prove That Jesus Was the Messiah?” (Artaigil-lìn)

Lorg a-mach ma tha Am Bìoball a’ teagaisg gun robh Dia an Athair fiosaigeach aig Ìosa san aon dhòigh a tha clann aig mac an duine.

“Why Is Jesus Called the Son of God?” (Artaigil-lìn)

Meòraich air carson nach eil an Trianaid teagaisg a’ Bhìobaill.

“Is Jesus God?” (The Watchtower, April 1, 2009)

Leugh mu chiamar a dh’atharraich am beatha aig boireannach às dèidh sgrùdadh na tha Am Bìoball ag ràdh mu Ìosa.

“A Jewish Woman Explains Why She Reexamined Her Faith” (Awake!, May 2013)

a Bidh leasanan 26 agus 27 a’ mìneachadh carson a tha feum aig mac an duine a bhith sàbhaladh agus ciamar a tha Ìosa gar sàbhaladh.

b Faic Nòta-deiridh 2 airson fàidheadaireachd a ro-dh’innis cuin a nochdadh Ìosa air an talamh gu mionaideach.