An Stad Fulangas gu Bràth?
An canadh tu . . .
-
stadaidh?
-
cha stad?
-
’s dòcha gun stad?
THA AM BÌOBALL AG RÀDH
“Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò.”—Taisbeanadh 21:3, 4, Am Bìoball Gàidhlig 1992.
THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT
Urras nach e Dia as coireach airson ar trioblaidean.—Sheumais 1:13.
Cofhurtachd le fios gu bheil Dia a’ faireachdainn ar pian.—Sechariah 2:8.
Dòchas le cinnt, gun stadaidh a h-uile fulangas.—Salm 37:9-11.
AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?
Creididh, airson co-dhiù dà adhbhar:
-
Tha gràin aig Dia air fulangas agus mì-cheartas. Smaoinich ciamar a bha Dia Iehòbha a’ faireachdainn nuair a bha na daoine aige fhèin a fulang droch-dhochann aig àm a’ Bhìobaill. Tha Am Bìoball ag ràdh gun robh Dia brònach air sgàth “na muinntir sin a rinn ainneart orra!”—Britheamhan 2:18.
Tha gràin mhòr aig Dia air feadhainn a nì cron air càch. Mar eisimpleir tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil “làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach” gràineil dha.—Gnàth-fhacal 6:16, 17.
-
Tha cùram aig Dia dhuinn gu pearsanta. Ged “a bhios fhios aig gach aon air a’ phlàigh fhèin” tha fios aig Iehòbha cuideachd air a sin!—2 Eachdraidh 6:29, 30.
Tron Rìoghachd, cuiridh Iehòbha stad air an fulangas a h-uile neach. (Mata 6:9, 10) An-dràsta, tha cùram aig Dia agus tha e laghach ri feadhainn a tha dha-rìribh a’ coimhead a-mach air a shon.—Gnìomhan 17:27; 2 Corintianaich 1:3, 4.
SMAOINICH AIR
Carson a tha Dia a’ leigeil le fulangas tachairt?
Tha Am Bìoball a’ freagairt sin aig RÒMANAICH 5:12 agus 2 PEADAR 3:9.