Dè Bheir an Rìoghachd Dhè gu Buil?
Freagairt a’ Bhìobaill
Cuiridh an Rìoghachd Dhè crìoch air na riaghaltasan mac an duine agus bidh i a’ riaghladh tharais air an t-saoghal air fad. (Daniel 2:44; Taisbeanadh 16:14) Dè bheir an Rìoghachd Dhè gu buil?
Cuir i crìoch air daoine olca, a tha a’ dèanamh cron mòr. “Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd-easaontais as.”—Gnàth-Fhacal 2:22.
Cuir i crìoch air cogaidhean. “Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn.”—Salm 46:9.
Bheir i beartas agus tèarainteachd dhan talamh. “Ach suidhidh iad gach duine fo a fhìonain, agus fo a chrann-fige fhèin, agus cha chuir aon neach eagal orra; oir beul Iehòbhah, Dia nan sluagh, labhair e.”—Micah 4:4.
Tionndaidh i ar saoghal gu pàrras talmhaidh. “Nì am fàsach agus an talamh tartmhor gàirdeachas air an son; agus bidh an dìthreabh ait, agus thig e fo bhlàth mar an ròs.”—Isaiah 35:1.
Obair mhath a tha riaraichte airson a h-uile duine. “Agus mealaidh mo mhuinntir thaghte rè ùine fhada obair an làmh fhèin. Cha saothraich iad gu dìomhain.”—Isaiah 65:21-23.
Cuir i crìoch air tinneas. “Agus chan abair am fear-àiteachaidh, Tha mi tinn.”—Isaiah 33:24.
Saor i sinn bho sheann aois. “Bidh a fheòil nas uire na feòil leinibh; thig e air ais gu làithean a òige:”—Iob 33:25.
Bheir i gu buil aiseirigh nam mairbh. “Oir tha uair a’ tighinn anns an cluinn na h-uile a th’ anns na tuaman a ghuth-san (Ìosa).”—Eòin 5:28, 29.